Rannsaich


CARMINA GADELICA

Ortha nan Gaidheal



LAIGHIM AM LEABAIDH [40]

Laighim am leabaidh
Mar a laighinn's an uaigh,
Do ruighe ri m' mhuineal,
Mhic Mhuire nam buadh.

Bidh ainghlean da m' fhaire
'S mi am laighe an suain,
'S bidh ainghlean da m' chaithris
'S mi 'n cadal na h-uaigh.

Bidh Uiril ri m' chasan,
Bidh Airil ri m' chul,
Bidh Gabrail ri m' bhathais,
'S bidh Rafal ri m' thubh.

Bidh Micheal le m' anam
Sgiath dhaingean mo ruin!
'S bidh an Leighe Mac Moire,
Cur na seile ri m' shuil,
'S bidh an Leighe Mac Moire,
Cur na seile ri m' shuil!
 
 
 
Rannsaich
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08 CPD