Rannsaich


CARMINA GADELICA

Ortha nan Gaidheal



URNUIGH MADUINN [41]

Taing dhut Iosda Criosda
Thug mis a nios o 'n oidhche 'n raoir
Chon solas soillse an la 'n diugh,
Chon sonas siorruidh a chosnadh dha m' anam,
An cion na fal a dhoirt thu dhomh.

Cliu dhut fein a Dhe gu brath,
An sgath gach agh a bhairig thu orm--
Mo bhiadh, mo bhriathar, mo ghniomh, mo chail,

* * * * *

'S tha mi griosad ort
Mo dhion bho'n olc,
Mo dhion bho lochd,
Mo shian an nochd
'S mi iosal bochd,
O Dhia nam bochd!
O Chriosd nan lot!
Thoir ciall dhomh 'n cois do ghrais.




Gun coraich an Ti Naomha mi,
Gun comhnaich air muir's air tir mi,
'S gun treoraich o ir gu ir mi
Chon sith na Cathair Shiorruiche,
Sith na Cathair Shiorruiche.
 
 
 
Rannsaich
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08 CPD