SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
CARMINA GADELICA
Ortha nan Gaidheal
AN TIONNSGANN [42]
Taing dhuit, a Dhe
Thug mise bho 'n de
Gu tos an diugh,
Chum solas siorruidh
A chosnadh dha m' chre
Le feum maith.
'S air son gach tiodhlac sith
A dh'iobair thu dhomh,
Mo smuaine, mo bhriathra,
Mo ghniamha, mo thoil,
Tha mi tionnsgann duit.
Tha mi 'g urnuigh riut,
Tha mi griasad ort,
Mo chumail bho lochd,
Mo chomhnadh an nochd,
Air sgath do lot,
Le oifreil do ghrais.
« Air ais
English
Air adhart »
SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08
CPD