Rannsaich


CARMINA GADELICA

Ortha nan Gaidheal



TEISREADH TAIGHE [44]

Dhe, beannaich an ce's na bheil ann
Dhe, beannaich mo cheile is mo chlann,
Dhe, beannaich an re a ta 'na m' cheann,
Is beannaich, a Dhe, laimhseachadh mo laimh;
An am domh eirigh's a mhaduinn mhoich,
Is laighe air leabaidh anamoich,
Beannaich m' eirigh's a mhaduinn mhoich,
Is mo laighe air leabaidh anamoich.

Dhe, teasruig an teach's an t-ardrach,
Dhe, coistrig a chlann mhathrach,
Dhe, cuartaich an spreidh's an t-alach;
Bi-sa fein na'n deigh's da'n taladh,
Duair dhireas ni ri frith's ri fruan,
Duair shineas mi a sios an suan,
Duair dhireas ni ri frith's ri fruan,
Duair shineas mi an sith gu suan.
 
 
 
Rannsaich
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08 CPD