Rannsaich


CARMINA GADELICA

Ortha nan Gaidheal



CO DHA DHIOLAS MI CIOS [46]

Co dha dhiolas mi cios
An ainm Mhicheil o'n aird ?
Thugam deachamh dhe m' ni,
Dh' an Diobarach Aigh.

Air sgath na chunna mi,
Do shith is d'a bhaigh,
Tog m' anam riut, a Mhic De,
Na treig mi gu brath.

Cuimhnich orm anns an t-sliabh,
Fo do sgiath dean-sa mo sgail;
Charra na firinn na dibir mi'n cian
B'e mo mhiann bhi gu siorruidh 'na d' dhail.

Tabhair domh trusgan bainnse,
Biodh ainghlean a cainnt rium's gach cas,
Biodh ostail naomha da m' dhion,
Moire mhin is thus, Iosa nan gras,
Moire mhin is thus, Iosa nan gras.
 
 
 
Rannsaich
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08 CPD