Rannsaich


CARMINA GADELICA

Ortha nan Gaidheal



EARNA MHOIRE [47]

Failt, a Mhoire ! failt, a Mhoire !
Righinn nan gras, Mathair na trocair;
Failt, a Mhoire, air mhodh gun choimeas,
Geil ar slainte, fath ar solais.

Riut tha sinne, dh' oidhch's a latha,
Sliochd seachranach Adhamh is Eubha,
Togail ar guth's ag achan,
An gul's an gal's an deura.

Tabhair duinn, a Fhreimh an aigh,
O 's tu copan nan grasa fial,
Creid Eoin, is Pheaid, is Phail,
Le sgeith Airil an aird nan nial.

Deoin dhuinn, a gheug dhonn,
Aros ann am Fonn na sith,
Tamh o ghabhadh's o anradh thom,
Fo sgath toraidh do bhronn, Ios.
 
 
 
Rannsaich
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08 CPD