Rannsaich


CARMINA GADELICA

Ortha nan Gaidheal



AN CATH NACH TAINIG [49]

Iosa Mhic Mhoire eighim air th' ainm,
Is air ainm Eoin ostail ghradhaich,
Is air ainm gach naoimh's an domhan dearg,
Mo thearmad's a chath nach tainig,
Mo thearmad 's a chath nach tainig.

Duair theid am beul a dhunadh,
Duair theid an t-suil a dhruideadh,
Duair sguireas an anail da struladh,
Duair sguireas an cridhe da bhuille,
Sguireas an cridhe de bhuille.

Duair theid am Breitheamh dh' an chathair,
Is a theid an tagradh a shuidheach,
Iosa Mhic Mhoire cobhair air m' anam,
A Mhicheil mhin gobh ri mo shiubhal.
Iosa Mhic Mhoire cobhair air m' anam!
A Mhicheil mhin gobh ri mo shiubhal!
 
 
 
Rannsaich
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08 CPD