Rannsaich


CARMINA GADELICA

Ortha nan Gaidheal



DHE BI MAILLE RUINN [5]

Dhe bi maille ruinn
Air an la an diugh,
Amen.
[Dhe bi maille ruinn
Air an oidhche nochd,
Amen.]
Ruinn agus leinn
Air an la an diugh,
Amen.
[Ruinn agus leinn
Air an oidhche nochd,
Amen.]
Tha e soilleir duinn ri leirsinn,
Bho thaine sinn chon an t-saoghail,
Gu robh sinn toillteanach air ta fhearg.
Amen.
O t' fhearg fein
A Dhe nan dul,
Amen.






Tabhair mathanas duinn,
Amen.
Tabhair mathanas duinn,
Amen.
Tabhair duinn do mhathanas fein
A Dhe mheinich nan dul,
Amen.
Ni sam bith is dona duinn,
No thogas fianuis 'n ar n-aghaidh
Far am faide am bi sinn,
Suabharaich thus oirnn e,
Duabharaich thus oirnn e,
Fuadaich fein uainn e,
Agus ruaig as ar cridheachan,
Duthainn, suthainn, sior,
Duthainn, suthainn, sior.
Amen.
 
 
 
 
Rannsaich
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08 CPD