Rannsaich


CARMINA GADELICA

Ortha nan Gaidheal



AN TREORAICH ANAMA [51]

An t-anam-s' air do laimh, a Chriosda,
A Righ na Cathrach Neomh.
Amen.

Bho is tus, a Chriosd, a cheannaich an t-anam-s',
Biodh a-shith air do theannal fein.
Amen.

Is biodh Micheal mil, ard righ nan aingeal,
A reiteach an rathaid romh 'n anam-s', a Dhe.
Amen.

O Micheal mil an sith riut, anaim,
Is a reiteach dhuit rathaid gu flathas Mhic De.
Amen.
 
 
 
 
Rannsaich
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08 CPD