SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
CARMINA GADELICA
Ortha nan Gaidheal
AM BEANNACHADH BAIS [52]
Dhia, na diobair a bhean a d' mhuinntireas, [fear
Agus a liuth olc a rinn a corp,
Nach urr i nochd a chunntachas;
A liuth olc a rinn a corp,
Nach urr i nochd a chunntachas.
An t-anam-s' air do laimh, a Chriosda,
A Righ na Cathrach Neomh.
Bho's tu, a Chriosda, cheannaich an t-anam,
An am tomhas na meidhe,
An am tobhar na breithe,
Biodh e nis air do dheas laimh fein,
O air do dheas laimh fein,
Is biodh Naomh Micheal, righ nan aingeal,
Tighinn an codhail an anama,
Is ga threorachadh dachaidh
Gu flathas Mhic De.
Naomh Micheal, ard righ nan aingeal,
Tighinn an codhail an anama,
Is ga threorachadh dachaidh
Gu flathas Mhic De.
« Air ais
English
Air adhart »
SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08
CPD