Rannsaich


CARMINA GADELICA

Ortha nan Gaidheal



FOIS ANAMA [53]

O 's tus a Chriosd a cheannaich an t-anam--
Ri linn dioladh na beatha,
Ri linn bruchdadh na falluis,
Ri linn iobar na creadha,
Ri linn dortadh na fala,
Ri linn cothrom na meidhe,
Ri linn sgathadh na h-anal,
Ri linn tabhar na breithe,
Biodh a shith air do theannal fein;
Iosa Criosda Mhic Moire mine,
Biodh a shith air do theannal fein,
O Ios! air do theannal fein.

Is bitheadh Micheal geal caomh,
Ard righ nan aingeal naomh,
An cinnseal an anama ghaoil,
Ga dhion dh'an Triu barra-chaon,
O! dh'an Triu barra-chaon.
 
 
 
Rannsaich
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08 CPD