Rannsaich


CARMINA GADELICA

Ortha nan Gaidheal



NUALL NOLLAIG [55]

Ho Ri, ho Ri
Beannaicht e, beannaicht e,
Ho Ri, ho Ri,
Beannaicht e, thainig's an am,
Ho Ri, ho Ri,
Beannaicht an tigh's na bheil ann,
Ho Ri, ho Ri,
Eadar chuall, is chlach, is chrann,
Ho Ri, ho Ri,
Iomair do Dhia, eadar bhrat is aodach,





Slainte dhaoine gun robh ann,
Ho Ri, ho Ri,
Beannaicht e, beannaicht e,
Ho Ri, ho Ri,
Beannaicht e, beannaicht e,
Ho Ri, ho Ri,
Gum bu buan mu'n tulach sibh,
Ho Ri, ho Ri,
Gum bu slan mu'n teallach sibh,
Ho Ri, ho Ri,
Gum bu liuth crann's an tigh,
Daoine tamh's a' bhunntair,
Ho Ri, ho Ri,
Beannaicht e, beannaicht e,
Ho Ri, ho Ri,
Beannaicht e, beannaicht e.




Ho Ri, ho Ri,
Nochd oichdhe Nollaige moire,
Ho Ri, ho Ri,
Beannaicht e, beannaicht e,
Ho Ri, ho Ri,
Rugadh Mac na Moir Oighe,
Ho Ri, ho Ri,
Beannaicht e, beannaicht e,
Ho Ri, ho Ri,
Rainig a bhonnaibh an lar,
Ho Ri, ho Ri,
Beannaicht e, beannaicht e,
Ho Ri, ho Ri,
Shoillsich grian nam beann ard,
Ho Ri, ho Ri,
Beannaicht e, beannaicht e.



Shoillsich fearann, shoillsich fonn,
Ho Ri, ho Ri,
Beannaicht e, beannaicht e,
Ho Ri, ho Ri,
Chualas an tonn air an traigh,
Ho Ri, ho Ri,
Beannaicht e, beannaicht e,
Beannaicht e, beannaicht e,
Ho Ri, ho Ri,
Beannaicht an Righ,
Gun tus, gun chrich,
Gu suthainn, gu sior,
Gach linn gu brath.
 
 
 
 
Rannsaich
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08 CPD