SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
CARMINA GADELICA
Ortha nan Gaidheal
DUAN NOLLAIG [56]
Hoire ! hoire ! beannaicht e! beannaichte e!
Hoire! hoire! beannaicht e! beannaicht e!
Hoire! hoire ! beannaicht e'n Righ dh' am bi sinn a' seinn,
Ho! ro! biodh aoibh!
Nochd oidhche Nollaige moire,
Rugadh Mac na Moir Oighe,
Rainig a bhonnaibh an lar,
Mac nam buadh a nuas o'n ard,
Dhealraich neamh is cruinne dha,
Ho! ro! biodh aoibh!
Seimh saoghal dha, sona neamh dha,
Feuch rainig a bhonn an lar,
Fodhail Righ dha, failt Uain dha,
Righ nam buadh, Uan nan agh,
Shoillsich cluan agus cuanta dha,
Ho! ro! biodh aoibh!
Shoillsich frith dha, shoillsich fonn dha,
Nuall nan tonn le fonn nan tragh,
Ag innse dhuinne gun d' rugadh Criosda
Mac Righ nan righ a tir na slaint;
Shoillsich grian nam beannaibh ard dha,
Ho! ro! biodh aoibh !
Shoillsich ce dha is cruinne comhla,
Dh' fhosgail De an Domhnaich Dorus;
A Mhic Mhuir Oighe greas ga'm chomhnadh,
A Chriosd an dochais, a Chomhla 'n t-sonais,
Oradh Ghreine shleibh is mhonaidh,
Ho! ro! biodh aoibh !
« Air ais
English
Air adhart »
SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08
CPD