SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
CARMINA GADELICA
Ortha nan Gaidheal
DUAN NOLLAIG [57]
Hoire! hoire! beannaicht e! beannaicht e!
Hoire! hoire! beannaicht e! beannaicht e!
Ho! hi! beannaicht an Righ
Ho! hi! biodh aoibh.
Buaidh biodh air an tulaich seo,
Na chualas leibh's na chunnas leibh,
Air na leaca loma loinnear lair,
'S air na clacha corrach cuimir clair,
Hoire! hoire! beannaicht e! beannaicht e!
Beannaich an taigh's na bheil ann,
Eadar chuaill is chlach is chrann;
Imir do Dhia eadar bhrat is aodach.
Slainte dhaoine gun robh ann,
Hoire! hoire! beannaicht e! beannaicht e!
Gu mu buan mu'n tulach sibh,
Gu mu slan mu'n teallach sibh,
Gu mu liuth dul's ceann sguilb's an aros,
Daoine tamh's a bhunntair,
Hoire! hoire! beannaicht e! beannaicht e !
Iobair dh 'an Ti eadar bhonn agus bhrat,
Eadar chuaill agus chlach agus chrann;
Iobair a ris eadar shlat agus aodach,
Slanadh shaoghal a dhaoine th' ann,
Hoire! hoire! beannaicht e ! beannaicht e!
Hoire! hoire! beannaicht e! beannaicht e!
Ho, hi, beannaicht an Righ,
Ho, hi, biodh aoibh!
Beannaicht an Righ,
Gun tus gun chrich,
Gu suth, gu sior,
Gach linn gu brath,
Ho! hi! biodh aoibh!
« Air ais
English
Air adhart »
SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08
CPD