Rannsaich


CARMINA GADELICA

Ortha nan Gaidheal



BANNAG NAM BUADH [60]

Is mise Bannag, is mise Bochd
Is mise Fear na h-oidhche nochd.

Is mise Mac De anns an dorus,
Di-luain air thuaradh nam bannag.

Is uasal Bride mhin-gheal air a glun,
Is uasal Righ nan dul 'na h-uchd.

Mac na gile, Mac na greine,
Mac Moire mor na De-meine,

Crois air gach guala dheis,
Mis is dorus, fosgail thusa.

Is leir 'omh tulach, is leir 'omh traigh,
Is leir 'omh ainghlean tighinn air snamh.

Is leir 'omh calaman, cuimir, caon,
Tighinn le caomh is cairdeas duinn.
 
 
 
Rannsaich
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08 CPD