Rannsaich


CARMINA GADELICA

Ortha nan Gaidheal



AN OIGH AGUS AN LEANABH [61]

Chunnacas an Oigh a teachd
Criosda gu h-og 'na h-uchd.

A Mhoir Oighe, agus a Mhic,
Beannaich an taigh agus a luchd.

Beannaich am biadh, beannaich am bord,
Beannaich an dias, an triall's an stor.

An trath bha oirnn an raithe gann,
Is tu fein, Oighe, bu mhathair dhuinn.

Is gil thu na ghealach earra-gheal
Ag eirigh air an tulaich.

Is gil thu na ghrian cheit-ghil,
Fo eibhneas subhach.




Bho nach faod am bard fuireach,
Cuiribh uilim's a bhalg le beannachd.

Mise gille Mhic De an cois an doruis,
A uchd De, eirich fein is fosgail domh e.
 
 
 
Rannsaich
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08 CPD