Rannsaich


CARMINA GADELICA

Ortha nan Gaidheal



RUGADH BUACHAILLE NAN TREUD [62]

Oidhche sin a dhealraich an reult
Rugadh Buachaille nan treud,
Le Oigh nan ceudaibh beus,
Moire Mhathar.

An Trianaid shiorruidh r'a taobh,
Ann am frasach fuar, faoin.
Thig's thoir deachamh de d' mhaoin,
Dh' an t-Slan-Fhear.

An cobhrach, ciochrach, caomh,
Gun aon dachaidh fo 'n t-saoghal,
Am Fogaran naomha, maoth,
'Manul!




A thri ainglibh nam buadh,
Thigibh, thigibh a nuas;
Do Chriosd an t-sluaigh
Thugaibh failte.

Pogaibh a bhasa,
Tioramaichibh a chasa
Le falt bhur cinn;
'S O! Thi na cruinne,
'S Iosa, Mhicheil, Mhuire,
Na fagaibh sinn.
 
 
 
Rannsaich
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08 CPD