SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
CARMINA GADELICA
Ortha nan Gaidheal
CAIRIOLL CALLAIG [64]
Nis tha mis air tighinn dh' ur duthaich
A dh' urachadh dhuibh na Callaig;
Cha leig mi leas a dhol ga innse,
Bha i ann ri linn ar seanar.
Dirim ris an ardorus,
Teurnam ris an starsach,
Mo dhuan a ghabhail doigheil,
Modhail, moineil, maineil.
Caisean Callaig 'na mo phoca,
Is mor an ceo thig as an ealachd.
* * * * *
Gheibh fear an taighe 'na dhorn e,
Cuiridh e shron anns an teallach;
Theid e deiseil air na paisdean,
Seachd ar air bean an taighe.
Bean an taighe is i is fhiach e,
Lamh a riarach oirnn na Callaig,
Sochair bheag a bhlath an t-samhraidh,
Tha mi 'n geall air leis an arain.
Tabhair duinn ma dh' fhaodas,
Mar a faod na cum maill oirnn,
Mise gille Mhic De's an dorus,
Eirich fein is fosgail domh e.
« Air ais
English
Air adhart »
SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08
CPD