Rannsaich


CARMINA GADELICA

Ortha nan Gaidheal



DUAN CALLAIG [65]

Nist o thaine sinn dh' an duthaich
Dh' urachadh dhuibh na Callaig,
Cha ruig uine dhuinn bhi 'g innse,
Bha i ann ri linn ar seanar.

A direadh ri tobht an taighe,
A teurnadh aig an dorus,
Mo dhuan a ghabhail modhail,
Mar b' eol domh aig a Challaig.

Caisein Callaig 'na mo phocaid,
Is mor an ceo thig as an fhear ud,
Chan 'eil aon a gheobh de aile,
Nach bi gu brath de fallain.

Gheobh fear an taighe 'na dhorn e,
Cuiridh e shron anns an teallach;
Theid e deiseil air na paisdean,
Is seachd araid bean an taighe.




Gheobh a bhean e, is i's t-fhiach e,
Lamh a riarachadh na Callaig,
Lamh a bhairig cais is im duinn,
Lamh gun spiocaireachd, gun ghainne.

Bho 'n ta tart air tighinn 'an duthaich,
Is nach bi duil againn ri annas,
Rud beag a shugh an t-samhraidh,
B' annsa leinn e leis an aran.

Mur bheil sin againn ri fhaotainn,
Ma dh' fhaodas tu, na cure maill oirnn;
Mise gille Mhic De air Chollaig,
Eirich fein is fosgail dorus.
Callain seo! Callain seo!
 
 
 
Rannsaich
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08 CPD