Rannsaich


CARMINA GADELICA

Ortha nan Gaidheal



CRIOSDA CLEIREACH OS AR CIONN [68]

Criosda Cleireach os ar cionn
Dh' orduich Ti nan dul do gach duil a t'ann.
Criosda Cleireach os ar cionn.

Nochd oidhch a chrochaidh chruaidh,
Crann cruaidh ris na chrochadh Criosd.
Criosda Cleireach os ar cionn.

Is uasal Bannag, is uasal Bochd,
Is uasal Fear na h-oidhche nochd.
Criosda Cleireach os ar cionn.

Is i Bride mhin chaidh air a glun,
Is e Righ nan dul a ta 'na h-uchd,
Criosda Cleireach os ar cionn.

Chluinn mi tulach, chluinn mi traigh,
Chluinn mi ainghlean air an t-snamh,
Criosda Cleireach os ar cionn.




Chluinn mi Cairbre cuimir, cruinn,
Tighinn cluimh le cairdeas duinn.
Criosda Cleireach os ar cionn.

Is ioma tionailt air an tulaich,
Gun farmad duine ri cheile.
Criosda Cleireach os ar cionn.

Is mise gille Mic De is an dorus,
Eirich fein is fosgail domh e.
Criosda Cleireach os ar cionn.
 
 
 
Rannsaich
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08 CPD