Rannsaich


CARMINA GADELICA

Ortha nan Gaidheal



LA CHALUIM-CHILLE [69]

Daorn Chalum-chille chaoimh
La chur chaorach air seilbh,
La chur ba air a laogh,
La chur aodach an deilbh.

La chur churach air sal,
La chur gais chon a meirgh,
La chon breith, la chon bais,
La chon ardu a sheilg.

La chur ghearran an eill,
La chur feudail air raon,
La chur urnuigh chon feum,
La m' eudail an Daorn.
La m' eudail an Daorn.
 
 
 
 
Rannsaich
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08 CPD