Rannsaich


CARMINA GADELICA

Ortha nan Gaidheal



BRIDE BAN-CHOBHAIR [71]

Thainig thugam cobhair
Moire gheal is Bride;
Mar a rug Anna Moire,
Mar a rug Moire Criosda,
Mar a rug Eile Eoin Baistidh
Gun mhar-bhith dha dhi,
Cuidich thusa mise 'm asaid,
Cuidich mi a Bhride!

Mar a gheineadh Criosd am Moire
Comhliont air gach laimh,
Cobhair thusa mise, mhoime,
An gein a thoir bho 'n chnaimh;
'S mar a chomhn thu Oigh an t-solais,
Gun or, gun odh, gun ni,
Comhn orm-sa, 's mor m' othrais,
Comhn orm a Bhride!
 
 
 
Rannsaich
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08 CPD