SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
CARMINA GADELICA
Ortha nan Gaidheal
MANUS MO RUIN [72]
A Mhanuis mo ruin
Is tu dheanadh dhuinn iul,
A chuirp chubhraidh nan dul,
Cuimhnich oirnn.
Cuimhnich a naoimh nam buadh,
A chomraig's a chomhn an sluagh,
Cobhair oirnne 'n ar truaigh,
'S na treig sinn.
Tog ar seilbh mach ri leirg,
Casg coin ghioirr is coin dheirg,
Cum uainn fuath, fath, feirg,
Agus foirne.
Cuartaich tan agus buar,
Cuartaich caor agus uan;
Cum uap an fhamh-bhual,
'S an luch-fheoir.
Crath an druchd o'n speur air crodh,
Thoir fas air feur, deis, agus snodh,
Dubbrach, lus-feidh, ceis, meacan-dogh,
Agus neoinean.
O Mhanuis nan glonn,
Air bharca nan sonn,
Air bharra nan tonn,
Air sala no fonn,
Comhn agus gleidh sinn.
« Air ais
English
Iomradh
Air adhart »
SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08
CPD