Rannsaich


CARMINA GADELICA

Ortha nan Gaidheal



LAOIDH AN TRIALL [75]

Mhicheil mhil nan steud geala
Choisinn cios air Dragon fala,
Ghaol Dia 's pian Mhic Muire,
Sgaoil do sgiath oirnn, dion sinn uile,
Sgaoil do sgiath oirnn, dion sinn uile.

Mhoire ghradhach! Mhathair Uain ghil,
Cobhair oirnne ghlan Oigh na h-uaisleachd,
Bhride bhuaidheach, bhuachaille nan treud,
Cum ar cuallach, cuartaich sinn le cheil,
Cum ar cuallach, cuartaich sinn le cheil.

A Chaluim-chille, chairdeil, chaoimh,
An ainm Athar, is Mic, is Spiorad Naoimh,
Trid na Trithinn, trid na Triaid
Comaraig sinn fein, gleidh ar triall,
Comaraig sinn fein, gleidh ar triall.




Athair! a Mhic! a Spioraid Naoimh !
Biodh an Trithinn leinn a la's a dh' oidhche,
'S air machair loim no air roinn nam beann
Bidh an Trithinn leinn 's bidh a lamh mu 'r ceann,
Bidh an Trithinn leinn 's bidh a lamh mu 'r ceann!


IASGAIREAN BHARRAIDH -

Athair! a Mhic ! a Spioraid Naoimh !
Bi-sa, Thrithinn, leinn a la's a dh' oidhche,
'S air chul nan tonn no air thaobh nam beann
Bidh ar Mathair leinn's bidh a lamh fo 'r ceann,
'S air chul nan tonn no air thaobh nam beann
Bidh ar Mathair leinn's bidh a lamh fo 'r ceann !
 
 
 
 
Rannsaich
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08 CPD