Rannsaich


CARMINA GADELICA

Ortha nan Gaidheal



LA FEILL MOIRE [76]

La feill Moire cubhr
Mathair Buachaille nan treud,
Bhuain mi beum dhe'n toradh ur,
Chruadhaich mi e caon ri grein,
Shuath mi e gu geur dhe 'n rusg
Le mo bhasa fein.

Mheil mi e air brath Di-aoine,
Dh' fhuin mi e air cra na caoire,
Bhruich mi e ri aine caorain,
S' phairtich mi e'n dail mo dhaoine.

Chaidh mi deiseil m' ardrach,
An ainm Mhoire Mhathar,
A gheall mo ghleidheadh,
A rinn mo ghleidheadh,
A ni mo ghleidheadh,
Ann an sith, ann an ni,
Ann am fireantas cridh,






Ann an gniomh, ann an gradh,
Ann am brigh, ann am baigh,
Air sgath do Phais.
A Chriosd a ghrais
Gu la mo bhais
Gu brath nach treig mi!
O gu la mo bhais
Gu brath nach treig mi!
 
 
 
 
Rannsaich
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08 CPD