SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
CARMINA GADELICA
Ortha nan Gaidheal
MICHEAL NAM BUADH [77]
Mhicheil nam buadh
Cuartam fo d' dhion,
A Mhicheil nan steud geal,
'S nan leug lanna liomh,
Fhir bhuadhaich an dreagain,
Bi fein ri mo chul,
Fhir-chuartach nan speura,
Fhir-feachd Righ nan dul,
A Mhicheil nam buadh,
M' uaill agus m' iull,
A Mhicheil nam buadh,
Suamhnas mo shul.
Deanam an cuarta
An cluanas mo naomh,
Air machair, air cluan domh,
Air fuar-bheanna fraoch;
Ged shiubhlam an cuan
'S an cruaidh cruinne-ce
Cha deifir domh gu sior
'S mi fo dhidionn do sgeith;
A Mhicheal nam buadh,
M' ailleagan cre,
A Mhicheil nam buadh,
Buachaille De.
Tri Naomh na Gloire
Bhith 'n comhnuidh rium reidh,
Ri m' eachraidh, ri m' lochraidh,
Ri cioba cloimh an treud.
Am barr ta fas air raona
No caonachadh an raoid,
Air machair no air mointeach,
An toit, an torr, no an cruach.
Gach ni tha'n aird no'n iosal,
Gach insridh agus buar,
'S le Trithinn naomh na gloire,
Agus Micheal corr nam buadh.
« Air ais
English
Iomradh
Air adhart »
SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08
CPD