SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
CARMINA GADELICA
Ortha nan Gaidheal
AN BEANNACHADH STRUAIN [78]
Gach min tha fo m' chleibh
Theid am measgadh le cheil,
An ainm Mhic De,
Thug fas daibh.
Bainn is uibheann is im,
Sochair mhath ar cuid fhin,
Cha bhi gainne 'n ar tir,
No 'n ar fardaich.
An ainm Mhicheil mo luaidh,
Dh' fhag againn a bhuaidh,
Le beannachd an Uain,
'S a Mhathar.
Umhlaich sinn aig do stol,
Biodh do chumraig fein oirnn,
Cum uainn fuath, fath, foirn,
Agus gleidh sinn.
Coisrig toradh ar tir,
Bairig sonas is sith,
An ainm an Athar an Righ,
'S nan tri ostal gradhach.
Bearnan bride, creamh min,
Lus-mor, glasrach is slim,
Na tri ghroigeanan-cinn,
Is lus Mairi,
Cailpeach ghlas air a buain,
Seachd-mhiarach, seachd uair,
Iubhar-beinne, fraoch ruadh,
Agus madar.
Cuiream uisge orr gu leir,
An ainm usga Mhic De,
An ainm Mhuire na feil,
Agus Phadruig.
D'uair shuidheas sinn sios
Gu gabhail ar biadh,
Cratham an ainme Dhia
Air na paisdean.
« Air ais
English
Air adhart »
SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08
CPD