Rannsaich


CARMINA GADELICA

Ortha nan Gaidheal



DUAN AN DOMHNUICH [79]

Duan an Domhnuich
Firinn fo neart Chriosd a chomhnuidh.

Di-domhnuich rugadh Muire,
Mathair Chriosd an or-fhuilt bhuidhe,
Di-domhnuich rugadh Criosda
Mar onair dhaoine.

Di-domhnuich, an seachdamh latha,
Dh' orduich Dia gu fois a ghabhail,
Gu cumail na beath-maireannaich,
Gun feum a thoir a damh no duine,
No a creubh mar dheonaich Muire,
Gun sniamh snath sioda no strol,
Gun fuaigheal, gun ghreiseadh ni's mo,
Gun churachd, gun chliathadh, gun bhuain,
Gun iomaradh, gun iomairt, gun iasgaireachd,



Gun dol a mach dh' an t-sliabh sheilg,
Gun snaitheadh deilgne Di-domhnuich,
Gun chartadh taighe, gun bhualadh,
Gun atha, gun mhuileann Di-domhnuich.

Ge be chumadh an Domhnuch,
Bu chomhnard da-san's bu bhuan,
Bho dhol fotha greine Di-Sathuirn
Gu eirigh greine Di-luain.

Gheobhadh e feich ga Chionn,
Toradh an deigh nan crann,
Iasg air abhuinn flor ghlan sala,
Sar iasg an ionnar gach abhuinn.

Uisg an Domhnuich blath mar mhil,
Ge be dh' oladh e mar dhibh
Gheobhadh e solas ga chion
Bho gach dolas a bhiodh na char.



Gul an Domhnuich gu ra-luath,
Bean ga dheanadh an an-uair;
Guileadh i gu moch Di-luain,
Ach na guileadh i uair's an Domhnuch.

Fiodh an Domhnuich gu ra-luath,
Anns an linge mar is truagh,
Ge d' thuiteadh a cheann na ghual,
Bhiodh e gu Di-luain na chadal.
Mu thrath-nona Di-luain
Eiridh am fiodh gu ra-luath,
'S air an dile mhor a muigh
Greas air sgeula mo chuimire.
Gun chnuasachd uan, meile, meinne no minsich
Nach buineadh dh' an Righ anns a bhlagh.
Is ann a nist bu choir a losgadh,
Gun eisdeachd ri gleadhraich nan gall,
No ri dall sgeileireachd choitchinn.



Gart a ghleidheadh air cnoc ard,
Leigh a thoir gu galar garga,
Bo chur gu tarbh treun na tana,
Falbh le beothach gu cuthaidh,

Fada no fagasg anns a cheum,
Feumaidh gach creatair umhail.
Eathar a leigeil fo breid-shiuil bho thir,
Bho thir gu duthaich a h-aineoil.

Ge be mheoraicheadh mo dhuan
'S a ghabhadh e gach oidhche Luan,
Bhiodh rath Mhicheil air a cheann,
'S a chaoidh cha bu teann da irionn.




DOIGHEAN EILE--

Abhuinn sleibh fior bhlasda,
A sior ialadh gu Iordan,
Is ra mhath chum i a cain,
Di-domhnuich ge lan a tuil.

Cha ruith braon ge glan a h-uisge,
An inne na Mara Ruaidh.

Fiodh an Domhnuich nis, mo nuar!
An inne na Mara Ruaidh
Ged thuiteadh an ruadh-cheann deth
Bhiodh e gu Di-luain na chadal.

Na fagairt mi ni air mo dheigh,
Greis thoir air sgeula mo chumraidh.
 
 
 
 
Rannsaich
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08 CPD