Rannsaich


CARMINA GADELICA

Ortha nan Gaidheal



UIRNIGH [8]

A Dhia, ann mo ghniamh
Ann mo ghniamh,
Ann mo bhriathar,
Ann mo mhiann,
Ann mo chiall,
Ann an riarachd mo chail,
Ann mo shuain,
Ann mo bhruail,
Ann mo chluain,
Ann mo smuain,
Ann mo chridh agus m'anam a ghnath,
Biodh an Oigh bheannaichte, Moire,
Agus Ogan geallaidh na glorach a tamh,
O ann mo chridh agus m'anam a ghnath,
Biodh an Oigh bheannaichte, Moire,
Agus Ogan cubhraidh na glorach a tamh.
 
 
 
Rannsaich
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08 CPD