SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
CARMINA GADELICA
Ortha nan Gaidheal
DUAN AN DOMHNAICH [80]
An Domhnach naomha do Dhe
Tabhair do chre dh' an chinne-daon,
Do t' athair is do d' mhathair chaomh,
Thar gach aon's gach ni's an t-saoghal.
Na dean sainn air mhor no bheag,
Na dean tair air tais no truaigh,
Fiamh an uilc a d' choir na leig,
Na tabhair 's na toill masladh uair.
Na deich fana thug Dia duit,
Tuig gun dail iad agus dearbh,
Creid direach an Righ nan dul,
Cuir air chul uidh thoir a dhealbh.
Bi dileas da d' thighearna-cinn,
Bi dileas da d' righ 's gach eang,
Bi dileas duit fein a ris,
Dileas da d' Ard Righ thar gach dreang.
Na tabhair toi'eum do neach air bith,
An earail toi'eum a thoir ort fein,
'S ged shiubhladh tu cuan is cith,
Lean cas-cheum Aon-unga Dhe.
« Air ais
English
Air adhart »
SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08
CPD