SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
CARMINA GADELICA
Ortha nan Gaidheal
DUAN NA DILINN [81]
Di-luain thig an doireann trom,
A shileas am bith eutrom,
Bithidh sinn umhail gach greis,
Gach uile na dh' eisdeas.
Di-mairt thig an t-sian eile,
Cradh chridheach, cruaidh pheinneach,
A shileas na gruaidheana glana,
Frasa fala fiona.
Di-ciadain a sheideas gaoth,
Sguaba lom air shrath is raon,
Dortadh oiteag barra theann,
Beithir bheur's reubadh bheann.
Di-ardaoin a shileas an cith,
Chuireas daoine 'n an dalla ruith,
Na 's luaithe na 'n duil air an fhiodh,
Mar bharr mhic-Muir air bhalla-chrith.
Di-haoine thig an coinneal dubh,
Is eitiche thainig fo'n t-saoghal;
Fagar an sluagh braon am beachd,
Fiar agus iasg fo'n aon leac.
Di-sathuirne thig am muir mor,
Ag iomairt air alt aibhne;
Bithidh gach uile mar a shnodh
Ag altachadh gu sliabh slighinn.
Di-domhnaich a dh' eireas mo Righ,
Lan feirge agus iminidh,
Ag eisdeachd ri searbh ghloir gach fir,
Crois dhearg air gach guala dheis.
« Air ais
English
Air adhart »
SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08
CPD