SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
CARMINA GADELICA
Ortha nan Gaidheal
BEANNACHADH BEOTHACHAIDH [82]
Togaidh mi mo theine an diugh
An lathair ainghlean naomha neimh,
An lathair Airil is ailde cruth,
An lathair Uiril nan uile sgeimh.
Gun ghnu, gun tnu, gun fharmad.
Gun ghiomh, gun gheimh roimh neach fo'n ghrein,
Ach Naomh Mhac De da m' thearmad.
Gun ghnu, gun tnu, gun fharmad,
Gun ghiomh, gun gheimh, roimh neach fo'n ghrein,
Ach Naomh Mhac De da m' thearmad.
Dhe fadaidh fein na m' chridhe steach,
Aingheal ghraidh do m' choimhearsnach,
Do m' namh, do m' dhamh, do m' chairde,
Do 'n t-saoidh, do 'n daoidh, do 'n traille.
A Mhic na Moire min-ghile,
Bho 'n ni is isde crannchaire,
Gu ruig an t-Ainm is airde.
A Mhic na Moire min-ghile,
Bho 'n ni is isde crannchaire,
Gu ruig an t-Ainm is airde.
« Air ais
English
Iomradh
Air adhart »
SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08
CPD