SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
CARMINA GADELICA
Ortha nan Gaidheal
TOGAIL AN TEINE [83]
Togaidh mis an tula
Mar a thogadh Muire.
Caim Bhride's Mhuire
Air an tula's air an lar,
'S air an fhardaich uile.
Co iad ri luim an lair ?
Eoin, Peadail agus Pail.
Co iad ri bruaich mo leap ?
Bride bhuidheach's a Dalt.
Co iad ri lath mo shuain ?
Muire ghraidh-gheal's a h-Uan.
Co slud a tha 'n am theann ?
Righ na grein e fein a th' ann,
Co siud ri cul mo chinn ?
Mac nan dul gun tus, gun linn.
« Air ais
English
Air adhart »
SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08
CPD