SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
CARMINA GADELICA
Ortha nan Gaidheal
SMALADH AN TEINE [85]
Cairidh mi an tula
Mar a chaireadh Muire,
Caim Bhride's Mhuire,
Car an tula's car an lair,
'S car an ardraich uile.
Co iad air liana muigh ?
Micheal grian-gheal mo luin.
Co iad air meadhon lair ?
Eoin, Peadail, agus Pail.
Co iad ri bial mo stoc ?
Moire ghrian-gheal's a Mac.
Bial Dia dh' orduich,
Aingheal Dia bhoinich,
Aingheal geal an car an tealla,
Gon tig la geal gu beola.
Aingheal geal an car an tealla,
Gon rig la geal gu beola,
« Air ais
English
Air adhart »
SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08
CPD