SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
CARMINA GADELICA
Ortha nan Gaidheal
BEANNACHD SMALAIDH [86]
Tha mi smaladh an teine
Mar a smaladh Mac Moire;
Gu mu slan dh' an taigh's dh' an teine,
Gu mu slan dh' an chuideachd uile.
Co siud shios air an lar ?
Eoin agus Peadail agus Pal.
Co air am bheil an fhaire nochd ?
Air Moire mhin-gheal's air a Mac.
Beul De a thubhradh,
Aingheal De a labhradh,
Aingheal an dorus an taighe,
D'ar comhnadh's d'ar gleidheadh
Gu 'n tig la geal am maireach.
O! ainghlean Aon Naomha Dhe
Da mo chaimhleachadh fein a nochd,
O! ainghlean Aon Unga Dhe,
Da mo chaim bho bheud's bho lochd,
Da mo chaim bho bheud a nochd.
« Air ais
English
Air adhart »
SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08
CPD