Rannsaich


CARMINA GADELICA

Ortha nan Gaidheal



AN COISRIGEADH SIOIL [88]

Theid mi mach a chur an t-sioil
An ainm an Ti a thug da fas,
Cuirim m' aghaidh anns a ghaoith,
Is tilgim baslach caon an gird.
Ma thuiteas silc air lic luim,
Cha bhi fuinn aige gu fas;
Mheud's a thuiteas anns an uir,
Bheir an druchd dha a bhi lan.

Di-aoine la nam buadh,
Thig dealt a nuas a chur failt
Air gach por a bha 'n an suain,
Bho na thainig fuachd gun bhaigh;
Friamhaichidh gach por's an uir,
Mar a mhiannaich Righ nan dul,
Thig an fochann leis an druchd,
Gheobh e beatha bho 'n ghaoith chiuin.

Thig mi mu 'n cuairt le m' cheum,
Theid mi deiseil leis a ghrein,
An ainm Airil's nan aingeal naodh,
An ainm Ghabril's nan ostal caomh.
Athair is Mac is Spiorad Naomh,
Bhi toir fas is toradh maoth
Do gach cail a ta 'n am raon,
Gon tar an latha caon.

La Fheill Micheil, la nam buadh,
Cuiridh mi mo chorran cuart
Bun an arbhair mar bu dual,
Togam an ceud bheum gu luath;
Cuirim e tri char mu 'n cuart
Mo cheann, 's mo rann ga luadh,
Mo chulaibh ris an airde tuath;
'S mo ghnuis ri grein ghil nam buadh.

Tilgim am beum fada bhuam,
Duinim mo dha shuil da uair,
Ma thuiteas e na aon dual
Bithidh mo chruachan biochar buan;
Cha tig Cailleach ri an-uair
Dh' iarraidh bonnach boise bhuainn,
Duair thig gaillionn garbh na gruaim
Cha bhi gainne oirnn no cruas.
 
 
 
 
Rannsaich
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08 CPD