SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
CARMINA GADELICA
Ortha nan Gaidheal
BEANNACHADH BUANA [89]
Dhe beannaich fein mo bhuain
Gach imir, cluan, agus raon,
Gach corran cama, cuimir, cruaidh,
Gach dias is dual a theid's an raoid
Gach dias is dual a theid's an raoid.
Beannaich gach murn agus mac,
Gach mnaoi agus miuchainn maoth,
Tiuir iad fo sgiath do neairt,
Is tearmaid ann an teach nan naomh,
Tearmaid ann an teach nan naomh.
Cuimrich gach mins, ciob, is uan,
Gach ni, agus mearc, is maon,
Cuartaich fein an treuid's am buar,
Is cuallaich a chon buailidh chaon,
Cuallaich a chon buailidh chaon.
Air sgath Mhicheil mhil nam feachd,
Mhoire chneas-ghil leac nam buadh,
Bhride mhin-ghil ciabh nan cleachd,
Chaluim-chille nam feart's nan tuam,
Chaluim-chille nam feart's nan tuam.
« Air ais
English
Iomradh
Air adhart »
SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08
CPD