Rannsaich


CARMINA GADELICA

Ortha nan Gaidheal



BEANNACHADH BUANA [90]

Di-mairt feille ri eirigh greine
Is cul na deise's an aird an ear,
Theid mi mach le m' chorran fo m' sgeith,
Is buainidh mi am beum an ceud char.

Leigidh mi mo chorran sios
'S an dias biadhchar fo mo ghlac,
Togam suas mo shuil an aird,
Tionndam air mo shail gu grad,

Deiseil mar thriallas a ghrian
Bho 'n airde 'n ear gu ruig an iar,
Bho 'n airde tuath le gluasadh reidh,
Gu fior chre na h-airde deas.

Bheir mi cliu do Righ nan gras
Airson cinneas barr na h-uir,
Bheir e lon dhuinn fein's dh' an al
Mar a bhairigeas e dhuinn.




Seumas is Eoin, Peadail is Pal,
Moire ghraidh-gheal lan soluis,
* * * * *

* * * * *
Oidhch Fheill-Micheil agus Nollaig,
Blasaidh sinn uile dhe 'n bhonnach.
 
 
 
Rannsaich
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08 CPD