Rannsaich


CARMINA GADELICA

Ortha nan Gaidheal



BEANNACHADH FUIRIRIDH [91]

A lasair leith, chaol, chrom,
Tighinn a toll mhullach nam fod,
A lasair leumrach, leathann, theith,
Na reid le do chleid da m' choir.

Gabhail reidh, sheimh, shuairce,
Tighinn mu 'n cuart mo thetheann,
Teine cubhr, caon, cuana,
Nach dean smur, no smuar, no reubann.

Teasaich, cruadhaich mo shiol miamh,
Chon biadh dha mo leanu-beag,
An ainra Chriosda, Righ nan sian,
Thug duinn iodh, is iadh, is beannachd leis,
An ainm Chriosda, Righ nan sian,
Thug duinn iodh, is iadh, is beannachd leis.
 
 
 
 
Rannsaich
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08 CPD