Rannsaich


CARMINA GADELICA

Ortha nan Gaidheal



BEANNACHADH BRATHAIN [92]

Oidhch Inid
Bi feoil againn,
'S bu choir 'uinn sin
Bu choir 'uinn sin.

Leth-cheann circe,
'S da ghreim coma,
'S bu leoir 'uinn sin
Bu leoir 'uinn sin.

Bi bin againn,
Bi beoir againn,
Bi fion againn,
Bi roic againn.
Meilc is marrum,
Mil is bainne,
Sile fallain,
Meall dheth sin,
Meall dheth sin.

Bi cruit againn,
Bi clar againn,
Bi dus againn,
Bi das againn;
Bi saltair ghrinn,
Nan teuda binn,
'S bi fairchil, righ'nn
Nan dan againn,
Nan dan againn.

Bi Bride bhithe, bhana, leinn,
Bi Moire mhine mhathar, leinn.
Bi Micheal mil
Nan lanna liobh,
'S bi Righ nan righ,
'S bi Iosa Criosd
'S bith Spiorad sith
Nan grasa leinn,
Nan grasa leinn.
 
 
 
 
Rannsaich
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08 CPD