Rannsaich


CARMINA GADELICA

Ortha nan Gaidheal



CRONAN BLEOGHAIN [93]

Thig, a Bhreannain, o'n a chuan,
Thig, a Thorrainn, buadh nam fear,
Thig, a Mhicheil, mhil a nuas
'S dilinn domh-sa bua mo ghean.
Ho m' aghan, ho m' agh gaoil,
Ho m' aghan, ho m' agh gaoil,
M' aghan gradhach, bo gach airidh,
Sgath an Ard Righ gabh ri d' laogh.

Thig, a Chaluim chaoimh, o'n chro,
Thig, a Bhride mhor nam buar,
Thig, a Mhoire mhin, o'n neol,
'S dilinn domh-sa bo mo luaidh.
Ho m' aghan, ho m' agh gaoil.

Thig am fearan o'n a choill,
Thig an traill a druim nan stuagh,
Thig an sionn cha 'n ann am foill,
A chur aoibh air bo nam buadh.
Ho m' aghan, ho m' agh gaoil.
 
 
 
 
Rannsaich
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08 CPD