Rannsaich


CARMINA GADELICA

Ortha nan Gaidheal



CRONAN BLEOGHAIN [94]

Sian a chuir Moire nam buadh,
Moch is anamoch dol dachaidh is uath,
Buachaille Padruig, is banachaig Bride,
D' ur sion, d' ur dion, 's d' ur comhnadh.
Ho hi holigan, ho m' aighean,
Ho hi holigan, ho m' aighean,
Ho hi holigan, ho m' aighean,
Mo chrodh-laoigh air gach taobh an abhuinn.

Bith buarach chioba air m' aighean siocha,
Bith buarach shioda air m' aighean laoigh,
Bith buarach shugain air crodh na duthcha,
Ach buarach ur air m' aighean gaoil.
Ho hi holigan, ho m' aighean.

Fhaic thu bho ud air an lianu,
'S a laogh mear aic air a bialu,
Dean, a chaomhag, mar a rinn i chianu,
Thoir am bainne, a laoigh na Fiannaich.
Ho hi holigan, ho m' aighean.
 
 
 
Rannsaich
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08 CPD