SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
CARMINA GADELICA
Ortha nan Gaidheal
BEANNACHADH BLEOGHAIN [95]
Bheir Calum-cille dhi-se piseach,
Bheir Coibhi cinneil dhi-se fiar,
Bheir m' aghan ballaidh dhomh-s' am bainne
'S a laogh bainionn air a bial.
Ho! m' aghan, m' aghan, m' aghan,
Ho! m' aghan, caon, ciuin,
M' aghan caomh, caomh, gradhaidh,
Gur e gaol do mhathar thu.
Seall thu 'n druis ud thall a froineadh,
'S an druis eil air loin nan smiar,
Is ionann sin is m' aghan goirridh,
'S a laogh boirionn air a bial.
Ho! m' aghan,--
Bheir Bride bhith nan cire geala,
Li na h-eal am aghan gaoil,
'S bheir Muire mhin nam mire meala,
Dhi-se ceal nan cearca-fraoich,
Ho! m' aghan,--
« Air ais
English
Air adhart »
SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08
CPD