SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
CARMINA GADELICA
Ortha nan Gaidheal
HO HOILIGEAN, HO M' AIGHEAN [96]
Eudail thu dh'an chrodh mhara,
Chra chluasach, bheum chluasach, bheannach;
Chrathadh fual air cruach do sheanar,
'S cha tar thu uam-s' a Luan no Sha'urn.
Ho hoiligean, ho m' aighean!
Ho hoiligean, ho m' aighean !
Ho hoiligean, ho m' aighean!
Mo lochruidh chaomh gach taobh an abhuinn.
Eudail thu 's thu chrodh na tire,
Bheir thu marrum, bheir thu mis dhomh;
Bheir thu bainne barr na ciob dhomh,
'S cha b'e glaisle ghlas an t-siobain.
Ho hoiligean, ho m' aighean!
Eudail thu's thu chrodh an t-saoghail,
Bheir thu bainne barr an fhraoich dhomh;
Cha bhainne glas air bhlas a chaorain,
Ach bainne meal's e air gheal na faoileig.
Ho hoiligean, ho m' aighean!
Bheir Bride bhinn dhut linn is ograidh,
Bheir Moire mhin dhut li dha d' chomhdach,
Bheir Michael liobha dhut ri dha d' sheoladh,
'S bheir Iosda Criosda dhut sith is solas.
Ho hoiligean, ho m' aighean!
« Air ais
English
Air adhart »
SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08
CPD