Rannsaich


CARMINA GADELICA

Ortha nan Gaidheal



HO M' AGHAN! [97]

Oidhche sin bha 'm Buachaill a muigh
Cha deacha buarach air boin,
Cha deacha geum a beul laoigh,
Caoineadh Buachaill a chruidh,
Caoineadh Buachaill a chruidh.

Ho m' aghan! ho m' aghan!
Ho m' aghan! m' aghan gaoil!
Chridheag chridh, choir, ghradhaich,
Air sgath an Ard Righ gabh ri d' laogh.

Oidhche sin bha 'm Buachaill air chall,
Fhuaradh anns an Teampull e.
Righ na gile thighinn a nall!
Righ na greine nuas a neamh!
Righ na greine nuas a neamh!
 
 
 
Rannsaich
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08 CPD