SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
CARMINA GADELICA
Ortha nan Gaidheal
THOIR AM BAINNE [98]
Thoir am bainne, bho dhonn,
Ce 'n conn ma 'n ceillinn ?
Laogh na ba ud braigh na beinge,
'S laogh mo ghraidh-sa air graisich eile.
O! ho! graisich eile.
Thoir am bainne, bho dhonn,
Thoir am bainne, bho dhonn,
Thoir am bainne, bho dhonn,
Trom steilleach.
Ach gheobh mo ghaol-sa laoighean cais-fhionn,
Is buarach caon a theid caomh ma casan;
Cha bhuarach gaoisid, fraoich, no asgairt,
Ach buarach dhaor a bheir daoin a Sasgunn
O! ho! a Sasgunn.
'S gheobh mo righinn-sa finn na maise
Buarach min a theid sliom ma casan;
Cha bhuarach cioba, lioin, no asgairt,
Ach buarach shiod thig a nios a Sasgunn.
O! ho! a Sasgunn.
'S gheobh mo chiall-sa fiar is fasga,
'S gheobh i aonach, fraoch, is machair,
'S gheobh i mislean, ciob, is fasbhuain,
'S gheobh i am fion thig 'o shian nan cas-bheann.
O ! ho! nan cas-bheann.
« Air ais
English
Air adhart »
SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08
CPD