Rannsaich


CARMINA GADELICA

Ortha nan Gaidheal



CRONAN BLEOGHAN [99]

Thig, a Mhuire, 's bligh a bho,
Thig, a Bhride, 's comraig i,
Thig, a Chaluim-chille chaoimh,
'S iadh do dha laimh mu m' bhoin.
Ho m' aghan, ho m' agh gaoil,
Ho m' aghan, ho m' agh gaoil,
Ho m' aghan, ho m' agh gaoil,
M' aghan cri, coir, gradhach,
An sgath an Ard Righ gabh ri d'laogh.

Thig, a Mhuire, dh' fhios mo bho,
Thig, a Bhride mhor na loin,
Thig, a bhanachaig Iosda Criosda,
'S cur do lamh a nios fo m' bhoin.
Ho m' aghan, ho m' agh gaoil.

Bo lurach dhubh, bo na h-airidh,
Bo a bha-theach, mathair laogh,
Luban siomain air crodh na tire,
Buarach shiod air m' aighean gaoil.
Ho m' aghan, ho m' agh gaoil.

Mo bho dhubh, mo bho dhubh,
Is ionann galar dhomh-s' is dhuit,
Thus a caoidh do luran laoigh,
Mise mo mhac gaoil fo 'n mhuir,
M'aon mhac gaoil fo 'n mhuir.
 
 
 
Rannsaich
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08 CPD