Rannsaich

Rann do 'n Ghàidhlig

Innsidh mi sgeul àraidh dhuibh
Air cànain is air ceòl,
Rogha na deas Ghàidlig
'S i as fheàrr gu innseadh sgeòil;
A' chainnt as lionmhor pàirtean,
'S as mìlse mànran beòil,
Gu freagarrach deas-labhrach,
'S i àrdchùiseach gu leòr.

'N uair a sgaoil na cainnten
Aig tùr aimhreidh mór,
Fhuair a' Ghàidhlig maighstireachd
'San àm sin thar gach seòrs
Gur i as fheàrr gu teangaireachd
Tha 'n ceann aon neach tha beò,
Geur soilleir fonnmhor òranach
An seòmraichean an òil.

Bho "Rann do 'n Ghàidhlig 's do 'n Phìob-Mhóir", le Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir, ~1784

Siùsaidh Cobbs a chuir gu Gaidhlig-B, 2001-03-16

 
Rannsaich
2001-03-16 CPD