Rannsaich

Domhnall Macrath, 1756-1832, Peitidh. (faisg air baile Inbhir Nis).
Breabadair agus bàrd, nach b'urrainn leughadh neo sgrìobhadh.

Nàdar a' Pheacaidh

Tha innleachdan glacaidh, ann an nadar a' pheacaidh,
Ged is ailghiosach taitneach don fheòil e,
'S ro mhilis le truailleachd, bhith snàmh ann a chuaintibh,
Ged tha mise gun uamhas ri sheòladh.

Sann a dh'fholuich e 'dhùrachd, 's chuir e mìlseachd ro'n sùilibh,
Do gach creutair gun chùram tha'g òl dheth,
Agus mheudaich e tuaineal, le spiorad a thruailleachd
Ormsa tha e ag gluasad 'na ròidibh.

Thug e leis mi gu siubhlach, le sruth na mì-chùram
Gun doichioll, gun diùltadh roimh 'sheòltachd.
'S mi a dh'easbhaidh na caithris, leis an d'thugainn-s' an aire,
Gun robh innleachdan folaicht' fo chòta.

Tha e glacadh an riaghlaidh, 's a beòthachadh mianna,
'S dha mo cuir-se gam biadhadh gu h-òrdail,
Mi siobhalt ga altrum, 's gu mùirneach ga chaidreadh,
A's mi 'g òl a dheoch chodal gu bòsdal.

Uam ghoid e mo thlachd-sa, ro mhoch anns a' mhadainn
Ga mo chuir ann an caidreadh na feòla.
'S ged ghoid e mo chiall uam, gus an d'fhàs e ro fhiadhaich,
Cha d'thuirt mi guth riamh mu na chòmhradh.

Chuid is mios' tha ri fhaotainn, de ghnè a-measg dhaoine
Tha e lag air gach taobh dha mar dheòran.
Anns an tìr seo tha mar rium, chan eil e nì ach na leanabh,
Ach tha e rìs na fhamhair mì-stòlda.

Bhlais mi nadar a' pheacaidh, tha'n taobh thall do na leachdaibh-s'
'S anns an àm sin gun chreach e mo chomhfhurt'.
Thug e gruaim air mo thaitneas, 's dh'fhàg e fuar mi gun fhasgadh,
's chuir gach buaidh dhiom gu maslach as òrdugh.

A mhèinn is miosa 's is uamharr, mar theine dearg is uaine
Ged a chuireadh leibh suarach mo chòmhradh,
Uamhann, anabarrach, oillteill, mar choire goil air na h-èibhlibh,
's e sìor-bhrùchdadh nimh reubainn an còmhnaidh.

Peacadh spioradail dìomhair, mallaicht', aingidh na ghniomh'ra;
Is mios ana-mèin na'm pian a tha'n tòir air.
Làidir, ascaoin gun beuchdail, 'n aghaidh neimh a's na speuran,
's e sìor-fharrach gach eucoir air tròcair.

'S miosa 'm peacaidh tha shios uainn, na'm peanas tha dìoladh.
Ged theireadh càch gur mi-chiallach mo chòmhradh.
'M balg de dh'uamhas nach teirig, tha sìor-shèideadh an teine,
Cha tig crìoch air an eilemaid dhòruinn.

Tha e iargalta, guineach, 'n aghaidh riaghladh na h-urram,
'S e cho naimhdeil's is urrainn e dhomh-sa.
Uamh'raidh, eucoireach, rasgach, 'n aghaidh fìrinn is ceartas
Ged se mi-rùn a ghlac e na ròidibh.

Peacadh làidir aig reubainn, dh'fhàs na lasair bhlais-bheuma,
's e air tionndadh gu geur-ghoil de dhreòiseadh.
Mach na cheò air na bilibh, 's dh'fhàs na h-eibhlean de mhilleadh
's e toirt gach creubhaig gu sileadh de dheòraibh.

Se's obair is gnìomh dha, bhith gam bhuaireadh's gam phianadh,
's e toirt snagadaich fhiacal le bròn dhoibh.
Rinn e cruaidh iad sna bacan-s', 'n aghaidh tròcair an fhocail,
'S nis gun doigh air gun lasaich an rosdadh.

Rinn e ainglean nan deamhnaibh, agus daoine de'n aon stuth,
'S iad nan uamhas ri'n tionndadh gu còmhradh.
Chuir e'n saoghal fo mhallachd, 's an sluagh fo dhaorach de mhealladh,
Air chor's gun shaoil leinn gum b'earrainn de spors' e.

Tha 'dhùrachd ro acrach, mar nathair-nimh' ga h-altrum,
'S e na rùintibh gu'm bacadh e 'm beò uam.
Ciod a their mise rithist, oir chaidh e thairis air bruidhinn,
Leis na tothan tha tighinn o sgòrnaich.

O! 'n tar dhol as uaith, 'm feadh tha tìm fo mo chosaibh,
Ma's a doirt orm-sa frasan na mòr-fhearg.
'S mi làn chinnteach nach taitneach leis an Rìgh bhi cur as dhomh,
Mar bithinn fillt' am chleachdadh an doibheart.

Cò threòraicheas thart mi, chum 'n Tì rinneadh na fhasgadh,
is a cheannaich o cheartas gach tròcair?
'S a thug a bheatha mar èiric, airson sluagh a rinn treigsinn,
'S nach do choisich sna ceumaibh bu choir dhaibh.

O! gun dèan e mo bhuannachd, 's mo ghlanadh o thruaill'achd,
Is gun cuir e gach buaidh dhiom an òrdugh,
Chum's gu'n gabhainn an fhìrinn, 's gun trèiginn gach mi-rùn,
Is gun gu'n coisichinn direach na ròidibh.

An sin theirinn le dichioll, gun tigeadh a rioghachd,
Is gum beannaich gach nì e gu h-òrdail,
'S gum fasadh taitneas lìonmhor, dh'an àrd-uachdaran shiorruidh,
Oir tha'n chì mi de 'riaghladh ro chòmhnard.

Rèir fìrinn is ceartas, tha bhreith dìreach ri 'fhocal,
Is làn-chinnteach gun glac e gach doibheart.
Ach mis' dheigh-làimh san fhearann-s', a thaobh m'eucoir's mo mhearachd,
'S nach do ghèill mi do'n earail bu choir dhomh.

Nuair thig èiginn nam chàraibh, sann ris ni mi mo ghearan,
Cha do shaoil mi gum b'amaideachd dhomh-sa.
Gu cinnteach dh'èisd e air uairibh, ri cuid de m'iarrtasaibh truaillidh
Ged tha seacharan buailteach dhomh 'n còmhnaidh.

'S tric tha ruith ann mo smuaintibh, nuair a theirgeas a' chuairt seo,
'N sin gun tòisich mo thruaighean ro dhomhail.
'M feadh's a tha mi sa cholainn, gu ma h-àrd a bhios 'onoir-s',
Ged nach tarraing aon anail de dhòchas.

Oir nam b'rud sin a tharraing, gu cinnt ghoidinn-sa gràdh dha,
Agus thaisginn e tear'nte ann mo chòiribh,
Oir tha mi faicinn gur airidh, air cliù is urram gu bràth e,
Leis an onoir is àirde bheir còmhradh.

 
Rannsaich
1997-11-25 CPD