Rannsaich

Dàin don Dotair Alasdair Stiùbhard

Rinn an Dr Domhnallach (Sgìre na Tòisidheachd san Eilean Dubh) na dàin seo don Dr Alasdair Stiùbhard (1764-1821) a bha na mhinistear ann an Maolain (Athall) an Siorramachd Pheairt; agus ann an Inbhir Pheofhrainn na sia-bliadhna-deug mu dheireadh dhe 'bheatha.


Dr Stiùbhard a' dol do bhaile Lìte air luing

Rinneadh na rainn seo a leanas air Dr Stiùbhard, nuair chaidh e thar sàile do Dhun Eideann airson a shlàinte. Air don ùghdar bhith ag amhairc na luinge a' dol seachad, agus e-fhèin na sheasamh air bòrd, thilg na smuainte seo suas dhà san uair.

A longag laghach, luath-shiùbhlach,
thigeadh gaoth anns na siùil ort
ni Maighstir Alasdair Stiùbhard,
a stiùreadh gu tèarainte do Lìte;

Na tigeadh doinionn neo ciùin ort,
neo nì ni dochunn neo ciùrradh,
Ach imich romhad ga ghiùlan,
Gu ionad a dhùrachd, gu'n tèid.

'S luachmhor an t-ionmhas a fhuair thu!
Toiseach is taghadh nam Buachaill;
A stiùradh threud anns na cluainibh
's am faigheadh iad suaimhneas is lòn;

Fear na maise is nam buadhan,
a choisinn meas dha, mar fhuair e;
An Criosdaidh deas, 's an duin' uasal:
Is cruaidh bhith ga 'earbsadh ri Bòrd.

2.
Ach thus' tha riaghaladh gu buadhach,
Araon air shiantaibh is chuaintibh,
's a chuireadh air Sion a suas dhuinn,
nad Uachdran dligheach a chaoidh,

O cum gu cothromach suas e,
builich air furtachd is fuasgladh,
Is coimhid, an doimhne do thruais e
o chunnartibh cuain agus gaoith!

'S bha thu leigheas gach creutair,
thàinig dod ionnsaidh le'n euslain,
An laithibh turuis do chèine
Is t'fhulangais ghèir anns an fheòil;

Cuir anns na meadhanaibh èifeachd,
a chithear le lighichibh feumail;
's gum pill e rìs o Dhun Eideann,
saor o gach pèin agus leòn.

3.
Tha Inbhir Pheofhrainn cianail,
o'n là thog thu do thriall uaip';
I mar gun laigheadh a' ghrian oirr'
's gun iathadh uimp' sgàile na h-oidhch'!

An sealladh cràiteach, chan iongnadh,
a Reult ro-àlainn is fhìor-ghlan,
Tha nis air fàgail a h-iarmailt,
rè iomadh bliadhn' a thug soills';

Tha cuid, gun teagamh, innt' cràiteach,
ge b'e theirinn mu chàch dhiubh,
a chionn an ceangail an gràdh riut,
nach urrainn do chàch iad a luaidh;

Oir se an eagal-s' gu h-àraidh,
o chaidh thu idir air sàl uath'
nach fhaic iad tuilleadh san là-s' thu
's nach pill, gu bràth, thu gu tuath!

4.
'S mur pill thu chaoidh o Dhun Eideann,
's muladach, ciùirteach an sgeul e!
is iomadh sùil bhitheas deurach,
is cridhe bhios reubt' measg an t-sluaigh;

'S a' chuid nach fairich am beum ud
mar bhuille ghoirt agus gheur dhoibh,
is comharradh dearbht' orr' gu lèir e,
gun do laigh' orr' dìth-lèirsinn is cruas!

Ach ma se suidheachadh an Ard-righ
oir ni Esan mar 's àill leis
gur h-ann an sud bhios do thàmh-sa
is nach pill gu bràth thu gu tuath;

Gu math soraidh,'s gu ma slàn duit!
Is gu robh Criosd Fear do ghràidh-sa,
leat-sa tre thuras an fhàsaich
ged dh'fhàgadh sinn an-diugh truagh.


Marbhrann air an Dr Alasdair Stiùbhard

Tha luach 72 rann sa mharbh-rann seo. Chuir sinn na ceithir rann toisich, na ceithir mu dheireadh agus làn an dùirn dhen còrr, shìos ann an seo.

Och, tha ar speuran ro ghruamach,
Is goirt an sgeula ri luaidh e,
bhith toirt nan reul ud a suas uainn
Bha, an tìr ar cuairt dhuinn, nan iùil;

Ged tha na freasdalan cruaidh' seo,
labhairt gun cheist anns an uair ruinn,
gun deònaich an Tighearn, na thruas dhuinn,
cluasan chum èisdeachd na sgèil;

Gun toir e 'phobull, mar 's miann leis,
gu bhith do na freasdalaibh-s' strìochdadh,
is bhith tuiteam gu h-iosal,
's ann aig cosaibh Chriosd anns an ùir;

Seadh agus peacaich gu riaghailt,
mum bithidh an doras air 'iathadh,
is na nithean bhuineas don sìochaint,
air 'm folach gu siorraidh on sùil…

A Mhaighstir Stiùbhard ro-ionmhainn,
b'i mo dhùrachd bhith 'g iomradh,
do chliù's do bhuadhan ro ion-mholt',
bha iomraideach, aithnichte measg cheud;

Ach bhith gan aithris mar dh'iomrainn,
oir bha iad ro ainneamh is ainmeil
's gun cur an rannaibh neo seanchas
's neo-iomchaidh mo theangaidh's mo ghleus;

Is ged a sheininn nab fhearr iad
dhuit-sa cha bhiodh comain neo stà ann;
tha os ceann molaidh do chàirdean,
is dì-molaidh naimhdean fo ghrèin;

Ach Es' tha saoibhir na ghràsaibh,
gu naomhaich's gum beannaich e an dàn seo,
Do iomadh, is dhoibh-san gu h-àraid,
do'n cràdh nach fhaic iad thu fhèin…

Ach chan e o foghlam neo pàirtean
ciod air bhith feum tha, neo stà annt,
a rinn cho feumail nar là thu,
is do d'shaothair ghràidh a thug buaidh;

Shaothraich 'm Fear-saoraidh le 'ghràs ort,
's an t-àm ud, gu fìor, gum b'àm gràidh e,
is bha r'a fhaicinn on là sin,
gun robh 'ghràs dhuit saoibhir is buan;

Cha b'ann an toiseach do shaoghail,
'n tràth ghabh tho oifig an Aodhair,
a fhuair thu aithn' air Fear-saoraidh,
's air saothrachadh 'ghràis ort le buaidh;

Ach a fhuair thu lèirs' air a ghaol-san,
chuir thu an cèill do dhaoinibh,
is bheannaich esan do shaothair
do iomadh aon measg an t-sluaigh…

Dh'aidich thu fhèin dhuinn gu saor e,
gur fìor gun d'chaitheadh gu faoin leat
iomadh latha dhe do shaoghal
gun aithn' air an t-saors' bha thu luaidh…

Ach an Tì a mhaitheas, a rùnaich
gun deantadh deas mar fhear-iùil thu,
'n tràth bha thu gun eagal gun chùram,
an sin thug E sùil ort na thruas;

Rinn E do chogais a dhùsgadh,
's dh'fhosgail gu glan E do shùilean,
O, thug E d'anam mar spùinn dhuit,
's b'e sin an tràth stiùreadh tu sluagh…

Och is truagh iad thug an lom ud,
A-steach do fhìon-lios ar Dè-ne,
gun ghairm a-riamh uaithe fhèin ac',
's gun aithn' air an sgeul tha'd a' luaidh;

Seadh, tha gun aithn' air an sgeul ud
na ghlòir,'s na thoradh, 's na h-èifeachd,
ciamar bheathaichear treud leo,
neo bhitheas iad feumail don t-sluagh?

Ach thugar Stìopain is Glìob* dhoibh, - (*stipend and glebe)
is taighean-còmhnaidh mar's miann leotha,
's tha ac' an ailghios a dh'iarr iad,
biodh Criosd is A shoisgeul san uaigh;

'S ann leam gun teagamh nach iongnaidh
ged nach èisd caoraich an Tighearn,
an teagaisg tioram is blion ac',
Bha teicheadh riamh aca uath'...

Ach sann bha meas aig an t-sluagh ort,
's aig na fhuair aithn' air an fhuaim ud,
chionn na sgèil' aoibhnich bhuadhaich,
a chual' iad gu soilleir od bheul…

Chual' iad fìrinnean luachmhoir
soigeul na sìth is an t-suaimhneis
nam brìgh's nan gloin' air an luaidh leat
sud t'fhianais air an t-sluagh ud gu lèir;

Sheirm thu dhoibh lagh is soisgeul,
is sin gun chlaonadh, gun mheasgadh,
Fàgail gach anam gun leth-sgeul
nach gabhadh ri teisteas ar Dè.

Thugadh dhuit tàlann, mar shaoil mi,
's theireadh àireamh measg dhaoin' e,
bhith labhairt gu tlàth is gu caoin riutha,
air 'n do shaothraich gràs measg an t-sluaigh;

Seadh labhradh tu'n tairisneachd chaomh riutha
mar neach nad anam thug gaol dhoibh,
's bheireadh tu'n lòn do gach aon dhiubh,
araon eadar chaoraich is uain…

Bu tu an labhairteach ùrail,
'n tràth sheasadh suas thu an Cùbaid,
bhiodh smachd, is cudthrom, is cùram,
r'a thuigsinn od ghnùis anns an uair;

An guth, bu bhinn ach bu chiùin thu,
an cainnt bha thu ealanta, mùirneach,
's nad theagaisg simplidh is cùbhraidh
's a' sileadh mar dhrùchd orra nuas.

Bu mhìn,'s bu mhaiseach, is b'àillidh,
riamh mar fhear-taigh thu nad fhàrdaich
bu tu an companach gràdhach
's am pàrant ro-ionmhainn is caomh;

Bu cheangailt' riamh thu an gràdh thu,
ri bochdaibh Chriosd air modh àraidh,
's tràth chitheadh tu aon de na bràithribh
air t'eudan àillidh bhitheadh faoilt.

O, gun deònaicheadh an t-Ard-righ,
am mòrachd ion-mholt a ghràidh dhuinn,
na frasan ùrail is gràsmhor
gu pailt ann ar latha leigeadh nuas;

A thogadh aognaidheachd bàis dhinn,
a' ghoirt's a' chaoil dheth ar cnàmhaibh,
's a dhèanadh ar Sion dhuinn àillidh
air an do laigh' fàsalachd bhuan.

A bheireadh peacaich da-rireadh,
tre bhioradh shaighdean na fìrinn,
gu bhith a' glaodh, "Ciod a ni sinn
chum dol as o dhìteadh do-luaidh?".

Is gu bhith glacadh na rioghachd,
le'n uile neart agus dhìcheall,
's a' dùnadh ri Slànuighear prìseil,
gu bràth tha do-innseadh na luach!

 
Rannsaich
1997-11-26 CPD